Airson innse mu rud a bha a’ tachairt tric, no an-còmhnaidh, san àm a dh’fhalbh, faodar na riochdan a leanas a chleachdadh an àite bha/an robh/cha robh:
Mar eisimpleir:
[Tha mi air a ghabhail a-steach ann an bhithinn agus sinn ann an bhiomaid. Tha bhiodh/bhitheadh air an cleachdadh anns a h-uile suidheachadh eile - agus uaireannan le sinn cuideachd: Bhiodh sinn a’ dol ann tric.]
Tha na riochdan bhithinn/bhiomaid/bhiodh/bhitheadh air an cleachdadh leotha fhèin aig toiseach seantans (no clàs) agus às deidh:
Mar eisimpleir:
Tha bhithinn/bhiomaid/bhiodh air an cleachdadh le cha airson a ràdh nach robh rud a’ tachairt:
Tha bithinn/biomaid/biodh air an cleachdadh airson faighneachd an robh rud a’ tachairt:
Tha an riochd sin cuideachd air a chleachdadh ann an suidhichidhean mar:
[’S e bhiodh as cumanta na bhitheadh: chan eil bhitheadh air a chleachdadh mar as trice ach ann am freagairt cheistean: Am biodh tu a’ dol ann tric? Bhitheadh. Tha tu air a chleachdadh às dèidh bhiodh/biodh seach thu: Am biodh tu a’ dol ann tric?]
Tha an aon seòrsa pàtrain ri fhaighinn le leithid cuir agus dèan:
Chan eil iad seo air an cleachdadh glè thric, ge-tà.