Tha caochladh dhòighean sa Ghàidhlig air innse mu rudan a thachair ron a seo, nam measg a bhith a’ cleachdadh:
Tha an riochd bha air a chleachdadh aig toiseach seantans (no clàs) agus às dèidh:
Mar eisimpleir:
Tha an riochd robh air a chleachdadh airson faighneachd an do thachair rud no airson a ràdh nach do thachair:
Tha robh air a chleachdadh cuideachd ann an suidhichidhean leithid:
Tha bha/an robh/cha robh air an cleachdadh airson sealltainn càit an robh rud no cò ris an robh rud coltach:
Tha iad air an cleachdadh cuideachd le faclan gnìomh airson innse mu rud a thachair thairis air ùine:
Ma tha faclan airson rudan mar bòrd no uinneag a’ dol leis an fhacal gnìomh, chan eil iad ag atharrachadh nuair nach eil an t-alt (an, am, a’, an t-) leotha:
Tha iad ag atharrachadh, ge-tà, ma tha an t-alt leotha (am bòrd, an uinneag). Tha an t-atharrachadh a rèir a bheil am facal fireannta (mar bòrd) no boireannta (mar uinneag):
Ma tha mi, thu, e, i, sinn, sibh, iad a’ dol leis an rud a thachair, tha am pàtran a leanas air a chleachdadh:
[Tha toiseach fhaclan ag atharrachadh às dèidh gam (mi), gad (thu), ga (e). Uaireannan, tha gam agus gad air an ràdh mar dhà fhacal: ga mo (gam), ga do (gad).]