Tha diofar dhòighean sa Ghàidhlig air innse gu bheil rud ga dhèanamh air rud no neach.
’S e an dòigh thraidiseanta, ged nach eil i cho cumanta a-nise:
Tha an dòigh as cumanta san latha an-diugh stèidhte air chaidh/thèid, air a chleachdadh le faclan gnìomh leithid bristeadh, òl, ceartachadh, agus a’ leantainn a’ phàtrain seo:
[Tha toiseach fhaclan a’ tòiseachadh le b, c, d, f, g, m, p, s, t agus le sl, sn, sr ag atharrachadh ach chan eil faclan le l, n, r, sg, sm, sp, st no le a/à, e/è, i/ì, o/ò, u/ù. Chan eil a air a shealltainn ro a, e, i, o, u no ro f + a, e, i, o, u: Chaidh an deoch òl.]
Mas ann air mi, thu, e, i, sinn, sibh no iad a tha an gnìomh air a dhèanamh, tha am pàtran a leanas air a chleachdadh:
[Tha m’ is d’ air an cleachdadh an àite mo, do … ro a, e, i, o, u agus f + a, e, i, o, u: Chaidh d’ fhaicinn. Chan eil a (e) air a chleachdadh ro a, e, i, o, u ach tha a h- (i): Chaidh òl (e – an t-uisge), chaidh a h-òl (i – an teatha).]