Close

Not a member yet? Register now and get started.

lock and key

Sign in to your account.

Account Login

Forgot your password?

Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil thu ceart.

Mìneachadh

Tha am pàtran a leanas ag innse mu rud a thuirt cuideigin a thachair (no a tha dol a thachairt) no rud a tha an neach-labhairt a’ smaoineachadh a tha fìor:

  • Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil thu ceart.
  • Thuirt i gun robh iad trang an-dè.
  • Tha e ràdh gum bi e deiseil a-màireach.
  • Tha mi a’ smaoineachadh gun do chuir iad litir thuice.                               
  • Tha mi a’ smaoineachadh gun deach e dhachaigh.
  • Tha e a’ ràdh gun coisich e dhachaigh.

Tha nach air a chleachdadh airson innse nach do thachair rud no nach eil rud ann:

  • Tha i a’ ràdh nach eil iad deiseil fhathast.                                                       
  • Thuirt iad nach robh càil a dh’fhios aca air sin.
  • Tha mi a’ smaoineachadh nach bi an consairt uabhasach math a-nochd.

[A bharrachd air smaoinich agus thuirt, tha am pàtran seo cuideachd air a chleachdadh le faclan mar tuigsinn, cluinntinn, faireachdainn: Tha mi a’ cluinntinn gu bheil iad math.]

[Tha am pàtran seo air a chleachdadh cuideachd le abairtean mar ’S dòcha, cha mhòr: ‘S dòcha gun tèid mi ann, cha mhòr nach do thuit mi.]

Print Friendly