Tha dà phàtran eadar-dhealaichte ann airson a ràdh gu bheil aon rud an crochadh air rud eile.
’S e an dòigh as sìmplidhe dhiubh seo a bhith a’ cleachdadh ma:
[Tha ceangal dìreach eadar an dà rud. Smaoinich air còmhradh: “A bheil thu ag iarraidh leabhar?” “Tha.” “Ceart, gheibh thu e.” ie, tha faighinn an leabhair ‘an crochadh air’ gu bheil thu ga iarraidh.]
Seo eisimpleirean eile:
[Tha tu air a chleachdadh an àite thu às dèidh bhios, chuireas.]
Tha mura air a chleachdadh an àite ma airson innse mu rud a thachras nuair nach tachair rud eile:
Tha dòigh eile ann air innse gu bheil aon rud an crochadh air rud eile a tha a’ cleachdadh nan/nam an àite ma. Tha i a’ cleachdadh nan riochdan seo den fhacal gnìomh – bhithinn (mi), bhitheamaid (sinn), bhiodh/bhitheadh, chuireadh -agus a’ leantainn a’ phàtrain seo:
[’S e tu a tha air a chleachdadh às dèidh bhiodh/biodh/chitheadh an àite thu.]
Uaireannan tha robh air a chleachdadh an àite bhiodh/biodh:
[Tha nam + biodh/cuireadh air an cleachdadh ma tha beagan mì-chinnt ann a thaobh a bheil an rud a tha ann a’ dol a thachairt. San t-seantans Nam biodh càr agam, bheirinn lioft dhut, mar eisimpleir, tha e soilleir nach eil càr aig an neach-labhairt agus mar sin nach eil an neach eile a’ dol a dh’fhaighinn lioft.]