’S e am pàtran a leanas an dòigh as cumanta air a ràdh dè tha ann an rud no neach:
Tha an rud no neach mu bheil an t-seantans (Mata, an duine, an togalach) an-còmhnaidh san àite mu dheireadh agus am mìneachadh (poileas, Sgitheanach, eaglais) anns a’ chiad phàirt (ron a).
[Tha anns an/anns a’ mar as trice air an giorrachadh gu san/sa: ’S e eaglais a bha san togalach sin uaireigin, ’S e saighdear a bha sa bhodach nuair a bha e òg.]
Nuair is ann mu mi, thu, e, i, sinn, sibh, iad a tha an seantans, tha na faclan a leanas air an cleachadh:
Mar eisimpleir:
[Faodar b’ e, b’ e, cha b’ e a chleachdadh airson an àm a chaidh seachad – me, B’ e eaglais a bha san togalach - ach chan eil seo cumanta. Tha ’s e air a chleachdadh cuideachd airson barrachd air aon rud: ‘S e iasgairean a bha ann am Peadar agus Anndra.]