’S e pàtrain stèidhte air is an dòigh as cumanta air a ràdh dè tha ann an rud no neach. Gheibhear is anns na riochdan seo:
[Gheibhear ’s i agus ’s iad uaireannan cuideachd ach tha ’s e nas cumanta.]
Tha am pàtran Is mise Màiri air a chleachdadh airson innse ainmean ach mar as trice ’s e ’s e/an e/chan e a tha air a chleachdadh an àite is leis fhèin:
Chan eil am pàtran seo air a chleachdadh ach nuair a tha an t-alt (an/am, a’, an t-) no mo, do … a’ dol leis an dara facal: ie chan urrainnear a chleachdadh airson ‘John is a janitor’.
[Ach mothaich gum faod an t-alt a bhith am broinn abairt: ’S e Iain dorsair na sgoile.]
Faodar rudan a bharrachd a chur ris an dara facal, mar eisimpleir:
[Glè thric tha ‘s e air fhàgail às ro seo agus sin: Sin am peansail agad. Uaireannan tha am pàtran seo air a chleachdadh ged nach biodh an t-alt ann: Sin feòrag ruadh.]