Tha na faclan a leanas a’ seasamh airson dhaoine no rudan:
[Tha na riochdan san dara is an treas loidhne air an cleachdadh gus cuideam a chur air mi, thu ...]
Tha diofar dhòighean anns a’ Ghàidhlig air innse cò dham buin rud. ’S e aon dhiubh a bhith a’ cleachdadh mo, do, a/a h-, ar/ar n-, ur/ur n-, an/am ron fhacal:
[Tha toiseach nam faclan air an atharrachadh às dèidh mo, do agus a (e).]
Tha an riochd a leanas a’ cur taic ri mo, do …:
[Tha –sa, -se … agus fhèin/fhìn air an cleachdadh cuideachd ann am pàtrain mar: ri mo thaobh-sa, gur fàgail-se, mo dhachaigh fhèin/fhìn.]
Tha agam, agad, aige, aice, againn, agaibh, aca air an cleachdadh an àite mo, do … anns a’ phàtran a leanas:
Agam(sa), agad(sa), aige(san), aice(se), againn(e), agaibh(se), aca(san).
[Tha an t-alt (an/am, a’, an t-, na) an-còmhnaidh còmhla ris an fhacal sa phàtran seo.]
Airson innse mu rud a bhuineas do neach eile (seach mi, thu …), tha dà phàtran a ghabhas cleachdadh:
Agus le aig:
[Chan eil toiseach ainmean bhoireannach, mar Mairead, ag atharrachadh mar as trice sa chiad phàtran. Tha an t-alt (an/am, a’, an t-) an-còmhnaidh ron chiad fhacal (càr, còta) san dara pàtran. Ma tha an t-alt anns a’ chiad phàtran, tha e a’ dol leis an dara facal a-mhàin. Bu chòir na riochdan mo/do … agus cas a’ bhalaich a cleachdadh airson rudan a tha nam pàirt de neach (mar cas) ach faodar an cleachdadh airson rudan eile cuideachd.]