Giglets

Tha Giglets Gàidhlig uaireannan ainmeil agus uaireannan nan leabhraichean clasaigeach an ìmpis a dhol air dhìochuimhne, a tha air an ath-chruthachadh agus air an atharrachadh airson luchd-leughaidh an latha an-diugh.

Ged a tha litreachas clasaigeach air leth math, tha cnapan-starra ann dhuinne an-diugh.

Tha luchd-leughaidh a’ strì ri ùine agus sgeulachdan a chòrdas riutha a lorg, agus fiù ’s cànan a thuigsinn a chaidh a sgrìobhadh o chionn mòran bhliadhnaichean, uaireannan ceudan de bhliadhnaichean.

Tha Giglets a’ briseadh sìos mòran de na cnapan-starra sin, a’ fàgail nan teacsaichean clasaigeach sin ruigsinneach do luchd-leughaidh ùr – clann, deugairean agus inbhich le chèile.

Air sgàth chòraichean, chan eil e ceadaichte dhuinn faidhlichean PDF de na leabhraichean san t-sreath Giglets ann an Gàidhlig a chur air-loidhne. Ma tha sgoiltean ag iarraidh faidhlichean PDF leigibh fios gu oifis@storlann.co.uk

Giglets stories are sometimes-famous and sometimes-nearly-forgotten classics that have been re-imagined and adapted for a modern audience.

Giglets has partnered with Comhairle nan Leabhraichean and Storlann to develop the ‘Giglets ann an Gaidhlig’ series of adapted animated classics in modern Scottish Gaidhlig.

The ‘Giglets ann an Gaidhlig’ series is distributed throughout Gaelic Medium Education schools in Scotland.

Owing to copyright rules we are not allowed to put PDF files of the Gaelic Giglet titles online. If teachers would like PDF files please contact oifis@storlann.co.uk

Epub Reader for Devices»   Mobi Reader for Devices»

Gaelic Giglets

Eilean an Ionmhais

Eilean an Ionmhais

Dàn-thuras sa bheil òir agus spùinneadairean.  Tha coigreach a’ tadhal air Jim Hawkins ann an taigh-seinnse an teaghlaich aige ’s mapa aige na chois a’ sealltainn far a bheil ionmhas a’ Chaiptein Flint air a thiodhlacadh.

Epub »   Mobi »

Giglets - Ùruisg na Coille Duibhe

Ùruisg na Coille Duibhe

Tha Merodach neònach.  Tha e beag agus cunnartach ach a bheil draoidheachd ann?  Tha rudan uabhasach a’ tachairt aig Wheelhope ach an e Merodach as coireach?


Epub »   Mobi »

Giglets - An t-Eun Beag Geal

An t-Eun Beag Geal

Tha an sgeulachd seo a’ toirt a’ chiad iomradh air Peadar Pan ’s e na eun beag geal a’ fàgail a dhachaigh tro uinneag nuair a bha e gu math òg.


Epub »   Mobi »

Giglets - Sgeulachd Cnoic Màine

Sgeulachd Cnoc Màine

Tè de na sgeulachdan mu Fhionn Mòr MacCumhail agus Cù Chulainn bho bheul-aithris na h-Èireann, stèidht aig àm togail Clachan an Fhuamhaire.


Epub »   Mobi »

Trthead Ceum 's a Naoi

Trithead Ceum 's a Naoi

A’ chiad sgeulachd mu Ridseard Hannay, gaisgeach mòr, aig a bheil fasan e fhèin a chur ann an droch shuidheachaidhean.

Epub »   Mobi »

Giglets - Peader Pan

Peadar Pan

Dàn-thursan Pheadar Pan, am balach nach do dh’fhàs, agus a charaidean Wendy, Tinker Bell agus na Balaich Chaillte ’s iad a’ strì an aghaidh a’ Chaiptein Hook agus a chreachadairean.

Epub »   Mobi »

Giglets - Dracula

Dracula

A’ chiad sgeulachd a’ toirt iomradh air Count Dracula agus air oidhirp gus faighinn às Transylvania a Shasainn, agus mun bhatail eadar e fhèin, na Harkers agus Van Helsing.

Epub »   Mobi »

Giglets - Òran Nollaig

Òran Nollaig

Air an oidhche ro Nollaig tha trì taibhsean a’ tighinn a thadhal air Scrooge ’s ga thoirt air turas a tha a’ toirt dha sealladh air a bheatha.


Epub »   Mobi »

Giglets - MacBheatha

MacBheatha

Sgeulachd bho Uilleam Shakespeare ag innse mu thighearna Albannach a tha a’ faighinn fàisneachd bho thriùir bhana-bhuidseach gum bi e latheigin na Rìgh air Alba.

Epub »   Mobi »

Giglets - Ùruisg na Coille Duibhe

Sherlock Holmes - Am Bann Breac

Tha an lorg-phoileas ainmeil a’ dèanamh oidhirp gus fuasgladh fhaighinn air murt air an dùthaich ann an Sasainn. 


Epub »   Mobi »

Giglets - Ùruisg na Coille Duibhe

Dr Jekyll & Mgr Hyde

Tha pearsantachd an Dotair Jekyll ann an dà leth, taobh math agus taobh gu tur olc.

Epub »   Mobi »

Giglets - Òran Nollaig

Romeo agus Juliet

An sgeulachd ghaoil as ainmeile air an t-saoghal ag innse mar a thachair eadar dithis dheugairean ann an seana bhaile Verona san Eadailt.


Epub »   Mobi »

Giglets - Waverly

Waverley

Ar-a-mach nan Seumasach, 1745. Tha Eideard a’ siubhal gu tuath ann an Alba mar shaighdear ach tha na tha a’ tachairt dha air a thuras a’ togail iomadh ceist dha mu na tha a’ dol air adhart.

Epub »   Mobi »