Image: Ceumannan 4 Modal 1 Aonad 2 montage

 

Graphic - Twitter



 

Cultar

Pròiseact clas - Eilean a’ Phrionnsa


’S e eilean beag brèagha far chost an ear Chanada a th’ ann an Eilean a’ Phrionnsa.

Tha an t-eilean faisg air Ceap Breatann. Eadar an t-ochdamh linn deug agus an naoidheamh linn deug, chaidh na mìltean de Ghàidheil a dh’fhuireach Dhàn eilean.

Thàinig iad à Uibhist, à Mùideart, às an Eilean Sgitheanach agus àiteachan eile.

Aig an àm sin, às dèidh Blàr Chùil Lodair, cha robh beatha Dhà na Gàidheil cho math ann an Alba agus dh’fhalbh tòrr dhiubh a-null thairis a’ sireadh beatha nas fheàrr.

An-diugh, coltach ri muinntir Cheap Breatainn, bidh muinntir Eilean a’ Phrionnsa gam faicinn fhèin mar Chanèidianaich ach cuideachd mar Albannaich.

Tha cultar na Gàidhlig fhathast beò anns an eilean. An-diugh, ’s e an t-ainm MacDhòmhnaill fhathast air fear de na h-ainmean as cumanta ann an Eilean a’ Phrionnsa!

  • Tha sibh a’ dol a dhèanamh pròiseact mu Eilean a’ Phrionnsa.
  • Bidh sibh ag obair ann am buidhnean agus mar chlas.
  • Ann am buidhnean, bidh sibh a’ rannsachadh agus a’ cruinneachadh fiosrachadh mun
    eilean agus ga chur còmhla mar chlas.
  • Bidh gach buidheann a’ taghadh cuspair no dhà às an liosta gu h-ìosal (no cuspair eile)
    airson an rannsachaidh aca.
  • Feumaidh gach buidheann a bhith ag obair air cuspair(ean) eadar-dhealaichte.
  • Feumaidh gach buidheann am fiosrachadh aca a thaisbeanadh gu snog air pàipear no air
    coimpiutair ann an Gàidhlig.

Image: Cornfield, Prince Edward Island


You are going to take part in a class project about Prince Edward Island. You will be working in a group, researching a topic/topics of your choice.

There is a topic list below for ideas.

Each group should work on different topics.

Each group should present their information neatly and attractively either on paper or on the computer.

The information each group collects will be collated and presented for display as the class project.

You may also want to showcase your project on your school website. All of your information should be in Gaelic.

Graphic Text : Chan eil cèilidh air a' phrèiridh


Possible research topics and ideas

  • Island information & figures – location, size, population, map, flag, capital city, climate
  • The island’s economy – occupations/indusTrìes
  • Cuisine – traditional food and recipes
  • Tourist attractions
  • Languages spoken – phrase book for tourists
  • School life – similarities/differences to Scottish schools, communication with Gaelic class in High school in PEI to create pupil profile(s)
  • Culture – song/dance/music
  • Festivals and events
  • History
  • Island folklore/stories
  • Travel – getting there, around and away

 

Map: Canada showing Prince Edward Island



Herring Girls - Copyright SCRAN

There are lots of well know Gaelic songs relating to emmigration to Canada and other counTrìes during the last few centuries.

'O mo Dhùthaich' is one such song and another is listed below. Can you find some more?

'S Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh

'S fhada leam an oidhche gheamhraidh,
'S fhada 's fhada 's fhada leam i,
'S O, chan fhaic ach prèiridh lom mi;
Cha chluinn tonn ri tighinn gu tràigh mi.

Sèist

Fàili, fàili, fàili hò ro
Fàili, fàili, fàili hò ro
Fàili, fàili, fàili hò ro
'S cian nan cian on dh'fhàg mi LeòDhàs.

'N àm don fheasgar bhith ri ciaradh
'S Trìc a bhios mo chridhe cianail
Cuimhneachadh g' eil cian nan cian uam
Far 'm bu mhiann leamh dhol a chèilidh.

Chan ann a lùchairt mhòir nan cùirtear
Ach don bhothan thughaidh shùgrach,
Teine mònach air an ùrlar
'S luchd mo rùin-sa cruinn a' cèilidh.

Bhiodh na bodaich rianail, dòigheil,
Nam biodh bunag chrèathadh 's ceò ac',
Bhiodh na brogaich snìomh nan snòta
Air glùin rùisgte, siud an dòigh orr'.

Bhiodh seann shaighdear nan ciad cruaidh-chath
'S leis a' chlobha anns an luath aig'
Dealbh dhuinn mar a thug a' bhuaidh iad
Mic nam fuar-bheann, luchd an fhèilidh.

Bhiodh seann sheòladair 's air stòl e
'S cha robh cuan no loch nach d' sheòl e;
'S nuair a thòisicheadh ri sgeòil e,
Gillean òga dheigheadh ga èisteachd.

Ach sgap an comann, sgaoil na fiùrain, '
S tha gach sgeulaiche 's an ùir air,
Chunnaic mise cridheil, sùrdail,
'S O, mo dhùrachd, bhith gan èisdeachd.

Ach càite nis a-nochd an tèid mi?
Chan eil cèilidh air a' phrèiridh,
'S O chan fhaic mi 'n àm dhomh èirigh
'N àirde 'g èirigh ceò na mònach.

 

Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist)