Image: Ceumannan 4 Modal 1 Aonad 2 montage

 

Graphic - Twitter



 

Cultar

A’ cur air dòigh saor-làithean ann an Alba


Tha thu fhèin agus do charaidean/do theaghlach an dùil falbh air saor-làithean air a’ Ghàidhealtachd no anns na h-Eileannan. Tha tòrr àiteachan math ann an Alba airson saor-làithean – gu h-àraid ma tha thu measail air ceòl traidiseanta, biadh math agus cur-seachadan a-muigh mar spòrsan-uisge, marcachd, seòladh, iasgach, sreap nam beann agus mar sin air aDhàrt.

Obair A Rannsachadh, sgrìobhadh agus bruidhinn

  • Obraich leat fhèin no ann am buidheann beag.
  • Dèan planaichean airson saor-làithean air a’ Ghàidhealtachd/anns na h-Eileanan.
  • Smaoinich air:
    > Cò bhios a’ dol ann còmhla riut?
    > Càit am bu toigh leat a dhol? Carson?
    > Ciamar a b’ fheàrr leat siubhal ann?
    > Càit am bu toigh leat fuireach?
    > Dè tha ri dhèanamh agus ri fhaicinn ann?
    (Dè nì thu air a’ chiad, an dàrna, an treas latha agus msaa?)
    > Cosgaisean (àite-fuirich, siubhal, cur-seachadan, biadh agus msaa)
  • Gheibh thu fiosrachadh air an eadar-lìon no bho Bòrd Turasachd na h-Alba.
  • Dèan taisbeanadh ann an Gàidhlig leis an fhiosrachadh agad.
  • Feuch gun cleachd thu cànan a dh’ionnsaich thu anns an aonad seo
  • Faodaidh tu an taisbeanadh a dhèanamh air beulaibh a’ chlas, no do bhuidheann beag no
    faodaidh tu a chlàradh leat fhèin.
  • Faodaidh tu sleamhnagan Power-point, bhidio, dealbhan, bileag fiosrachaidh no postair a
    dhèanamh a thèid còmhla ris an taisbeanadh agad.
  • Nì an Tidseir agus an clas agad measadh ort.

    Fhad ’s a tha thu a’ bruidhinn, gabh air do shocair, bruidhinn gu soilleir agus thoir an aire le
    fuaimneachadh.

Outdoor Activities - canoeing, climbing and kite surfing

Illustration: Scottish FoodYou are going to plan a holiday in the Highlands or Islands of Scotland. You may work alone or with a small group. Consider the following:

  • Who you are going with
  • Where you would like to go and why
  • How you would prefer to travel
  • Accommodation
  • Activities and sights (you should plan something for each day)
  • What things cost (accommodation, travel, activities, food etc)


You should do your research on the internet or you may want to visit the tourist office if there is one near you.

Once you have completed your research you will make a presentation for your class about your holiday plans.

You may do this in front of the class, to a group or you may opt to record yourself speaking. You may use Power-point slides, photographs, posters, video or leaflets to support your presentation.

Your teacher and/or class will assess your presentation.

During your presentation, take your time, speak clearly and try your best with pronunciation.

Photo monatge: Scottish Holidays