Image: Ceumannan 4 Modal 1 Aonad 2 montage

 

Graphic - Twitter



 

Cultar

ADhàircean Mòra air a’ Chrodh a tha fad às

ADhàircean Mòra air a’ Chrodh a tha fad às (bho Eadar Dà Sgeul (Stòrlann) – sgeulachd à beul-aithris.

Ath-sgrìobhadh agus deasachadh le Murchadh MacLeòid

Bha siud ann uaireigin gàirnealair òg agus dh’fhàs e uabhasach mì-thoilichte.

Nis, cha robh adhbhar aige a bhith mì-thoilichte, ’S ann a bha còir aige a bhith làn riaraichte.

Cha robh flùraichean no luibhean anns an dùthaich a bha cho math ris an fheaDhàinn aigesan agus an uair a bheireadh e Dhàn mhargaidh iad bhiodh e daonnan a’ faighinn deagh phrìs orra.

Illustration: GardenerCha robh bliadhna nach biodh e a’ faighinn deagh dhuaisean air an son.

Ach an dèidh sin ’s na dhèidh, cha robh e idir riaraichte agus cha robh an obair aige idir a’ còrdadh ris.

“Chan eil mi ach a’ tionndadh ’s a ruamhar ’s a’ cur ’s a’ tionndadh ’s a’ ruamhar,” thuirt e ris fhèin, “bliadhna an dèidh bliadhna.

Chan eil sin gu feum sam bith dhòmhsa.

Cha chreid mi nach toir mi mo chasan leam às an seo. Gheibh mi obair eile agus cha bhi mi a leth cho trang ’s a tha mi.”

Sin direach an rud a rinn e.

Thug e às an latha sin fhèin agus dh’fhàg e an gàrradh an siud, an gàrradh brèagha far am biodh na h-eòin a’ ceilearadh agus far am biodh srann aig na seilleanan.

Ghabh e roimhe agus ghabh e roimhe gus mu dheireadh an tàinig e gu àite far an robh seann
duine na shuidhe aig doras bothain agus e a’ seinn na fìdhle.

“Nach math an dòigh a th’ agaibh,” thuirt e ris a’ bhodach, “air cosnadh a dhèanamh!

Saoil an ionnsaich sibh dhomh fhìn port a thoirt às an fhidhill?”

“Is mise gu dearbh a nì sin,” fhreagair am bodach, “ach cuimhnich thusa, a laochain, gum feum
thu a bhith ag ionnsachadh fad uairean a thìde a h-uile latha air neo cha tig an latha a bhios tu
math air an fhidhill.”

Cha do chòrd seo idir ris an fhear òg. “Gu dearbha fhèin,” thuirt esan, “tha siud cus nas miosa na
bhith ag obair anns a’ ghàrradh.

Illustration: Fiddler with man

’S ann a dh’fheuchas mi rudeigin eile.”

A-mach a ghabh e a-rithist, agus an ceann greise ràinig e baile mòr.

Dè chunnaic e an sin ach sanas ann an uinneig bùtha ag iarraidh gille a bhiodh ag obair anns an taigh-fhuine.

Fhuair e an obair agus cha b’ fhada gus an do dh’ionnsaich e mar a dhèanadh e an t-aran.

Ach b’ e siud an obair chruaidh!

Bha na gàirdeanan aige cho sgìth ’s ged a bhiodh e fon phoca chlach o mhoch gu dubh, agus a h-uile uair a dhèanadh e airson stad agus anail a leigeil bha am bèicear ag èigheach àird a chinn.

“Na stad idir, a bhalaich, na stad, air neo thèid an t-aran a dholaidh, agus bidh e gun fheum.”

Ann an ùine gun a bhith fada thuirt am fear òg ris fhèin nach b’ e siud obair dhàsan idir agus a-mach a ghabh e a-rithist agus cha b’ ann glè thoilichte.

Illustration: BakersAn ceann greise thàinig e gu àite far an robh fear a bha a’ cumail sheilleanan.

“Chan fhaod e a bhith,” thuirt an gille ris fhèin, “nach còrdadh e riumsa a bhith ag obair aig an duine seo; tha fios is cinnt gur e obair mhath a th’ ann a bhith a’ cumail sheilleanan agus a’ reic mil.”

Bha fear nan seilleanan gu math deònach obair a thoirt Dhà.

Thug e Dhà aodach a chuireadh e air aodann ’s air a cheann agus miotagan airson dìon a chur air a làmhan, agus sheall e Dhà mar a chruinnicheadh e a’ mhil.

Ach nach ann a thòisich na seilleanan ag èaladh a-steach fon aodach, agus tro na miotagan agus chuir iad gath ann uair is uair.

Thug esan a chasan leis cho luath ’s a ghabhadh, ag èigheach àird a chinn.

“Till, till, thig air d’ ais, thig air d’ ais,” bha fear nan seilleanan ag èigheach às a dhèidh, “’s fhada fhathast gus am bi sinn deiseil.”

“Chan fhaic thu sin, mise a’ tilleadh an sin,”fhreagair an gàirnealair òg.

“Chan eil mise ag iarraidh a bhith air mo mhurt aig na creutairean grànda sin.

Tha iad ro mhath air gath a chur annad.”

“Nach eil fhios gu bheil,” fhreagair am fear eile.

“Is Trìc a chuir iad gath annamsa!

Is iomadh uair sin.

Chan eil e idir furasta mil fhaighinn gun gath a dhol tromhad.”

“Seadh a-nis,” thuirt am fear òg ris fhèin, “’s e mo bheachd nach eil an obair agam fhìn cho dona a dh’aindeoin cùise.”

Agus air ais gun do ghabh e, le cridhe aotrom agus spiorad sunndach, Dhàn ghàrradh aige fhèin agus chun na h-obrach a bh’ aige bho thùs.

Illustration: Beekepr being chased by bees

 

Illustration: Cow with large horns

Geàrr-chunntas

Sgrìobh na seantansan Beurla agus tagh am freagairt ceart airson deireadh gach fear 1-7. Copy the following sentences to summarise the story. Choose the correct ending for each one.

 

1. The story tells of a young gardener who goes in search of a new career because
a) he wasn’t enjoying his job anymore
b) he had difficulty selling his produce
c) he wasn’t very good at gardening


2. He thought if he got a different job he would be
a) more successful
b) richer
c) less busy


3. First of all, the gardener Trìed being a
a) baker
b) fiddler
c) stone mason


4. He then got a job as a
a) baker
b) butcher
c) grocer


5. Finally he Trìed being a
a) hunter
b) beekeeper
c) crofter


6. He gave up each new job he Trìed as
a) he discovered they were not as easy as they seemed
b) they didn’t pay well enough
c) he didn’t get on with his employers


7. Eventually he was happy to go back to being a gardener because
a) he needed the money
b) he couldn’t get another job
c) he realised it wasn’t such a bad job after all