Image: Ceumannan 4 Modal 1 Aonad 2 montage

 

Graphic - Twitter



 

Cultar

Ceòl mun dùthaich

  • Coimhead air na bhidiothan-ciùil. (Earrannan bhidio 1 & bhidio 2)
  • Tha ‘Latha Math’ agus ‘Eilean Uibhist mo Rùin’ le cheile a’ dèanamh moladh air an dùthaich
  • Coimhead air na faclan fhad ’s a tha thu ag èisteachd ris a’ cheòl • Dè an t-òran/bhidio as fheàrr leat às na dhà? Inns carson


Watch the music videos (Earrannan Bhidio 1 & 2).

Manran’s ‘Latha Math’ and Julie Fowlis’ ‘Eilean Uibhist mo Rùin’ are both songs in which the singers speak fondly of their homeland and the surrounding scenery.

Follow the lyrics in the book and on this page.

Image: MànranGraphic text: Tha iad seo t_ _ _ _ _ _ _ _

  • Coimhead airson bhidiothan-ciùil air an eadar-lion
  • Lorg òrain Ghàidhlig mun dùthaich. Bheir an Tidseir taic dhut le seo
  • Ma tha tìde agad, faodaidh tu bhidio a dhèanamh airson an òrain a thagh thu
  • Coimhead a-rithist air Earrannan Bhidio 1 & 2 airson cuideachadh

Look on the internet at some Gaelic music videos. Can you find any that praise the scenery/land?

Your teacher will help you with this. Share what you found with your group/class. If you have time, you might want to make your own music video for your chosen song.

Look at examples from Paible School in North Uist, Latha Math and Eilean Uibhist mo Rùin.

Watch Earrannan Bhidio 1 & 2 again for ideas.


These links might help you...

Image: Callanish Stones, Isle of Lewis

Latha math

Latha math air an Eilean
Eilean LeòDhàis mo Ghràidh
Latha math air an Eilean
Dachaigh mo smuaintean gu bràth

Ag èirigh tràth anns a’ mhadainn
A’ghrian a’deàrrsadh sìos
Tha àile na mara a’ tighinn tron uinneig
Tha h-uile duin’ an àirde

Tha an abhainn làn le pailteas uisge
Tha am bradan a’ tighinn a-rithist
Tha na balaich bheaga shìos air an drochaid
Feuch an glac iad aon no dhà

Tha an t-earrach ann ’s na lathaichean fada
Tha na h-uain a’ ruith mun cuairt
Tha na bodaich a-muigh a’ buain na mònach
Tha an t-àm sin air tighinn a-rithist

Tha a’ ghealach shuas ’s a’ ghrian na cadal
Tha an oidhche nis air tighinn
Tha e sàmhach is ciùin tron an Eilean
Tha e math a bhith beò
Tha e math a bhith beò


Image: Julie Fowlis
Graphic Text: Julie's a 'rionnag'.

Eilean Uibhist mo rùin

Eilean Uibhist mo rùin
Eilean cùbhraidh nam beann
Eilean Uibhist mo rùin
B' e mo dhùrachd bhith ann
An Eilean Uibhist mo rùin

B' e mo shòlas bhith air m' eòlas
San eilean bhòidheach ud thall
Far am faic mi mo chàirdean
'S gheibhinn fàilte nach gann
An Eilean Uibhist mo rùin

Far am faic mi fìr òga
Ghearradh mòine nan deann
'S a ghearradh snasail an t-eòrna
'S a chuireadh dòrlach sa bhann
An Eilean Uibhist mo rùin

Far am faic mi fìr liatha
Glic-bhriathrach nan cainnt
Mean-bheachdach sean-eòlach
A' toirt seòladh don chloinn
An Eilean Uibhist mo rùin

Far am faic mi mnathan-uasal
Aoigheil, uallachail, trang
Tha ro-ainmeil nan stòltachd
'S an gnìomh dòigheil nan làimh
An Eilean Uibhist mo rùin

Tha coibhneas is bàigh
'Gabhail àit' ann an com
Gach neach a chaidh àrach
Fo sgàile nam beann
An Eilean Uibhist mo rùin

Bidh aoigheachd is fàilte
Gu bràth feadh nan gleann
Fad 's a bhuaileas air tràigh
Boinne sàile nan tonn
An Eilean Uibhist mo rùin

’S e slàn leis na dh'fhàg mi
Bheir mo dhàn-sa gu ceann
'S le m' phiuthar, 's le m' bhràithrean
'S le m' phàrantan thall
An Eilean Uibhist mo rùin

Image: North Uist from the Minch