Image: Ceumannan 4 Modal 1 Aonad 2 montage

 

Graphic - Twitter



 
Logo: Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd

Dh’fhosgail Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd anns a’ bhliadhna 2000 ann an Àrd-sgoil a’ Phluic. Bidh sgoilearan bho air feadh na h-Alba a’ dol Dhàn sgoil. Tha iad uabhasach tàlantach ann an ceòl traidiseanta agus seinn.


Bidh mu thrì cheud sgoilear a’ dol gu Àrd-sgoil a’ Phluic agus tha mu fhichead ’s a trì dhiubh sin anns an sgoil chiùil cuideachd.

Tidseirean

Bidh na Tidseirean a’ tighinn Dhàn sgoil bho air feadh na h-Alba. ’S e seinneadairean agus cluicheadairean proifeiseanta a th’ annta agus tha iad uile gu math ainmeil.

Clasaichean

Feumaidh na sgoilearan ciùil a dhol gu clasaichean bhaisteach a h-uile latha, ach bidh iad cuideachd a’ faighinn deich uairean a thìde de chlasaichean ciùil a h-uile seachdain.

Cuideachd, feumaidh iad a bhith ag obair air an ionnsramaid/an t-seinn aca airson dà uair a thìde a h-uile h-oidhche. Tha iad uabhasach trang!

Image: Sgoil Chiuil Albums

Tòrr spòrs!

Às dèidh na sgoile, agus air an deireadh-sheachdain, bidh na sgoilearan a’ cluich agus a’ seinn aig consairtean agus cèilidhean agus, a h-uile bliadhna, bidh iad a’ falbh air turas-ciùil còmhla timcheall Alba. Gach bliadhna bidh na sgoilearan ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd a’ dèanamh clàr. Seo cuid de na clàran a rinn iad. Tha ainmean inntinneach orra!


♦ First Class
♦ Aye Spy
♦ Three Cheese and a Teaburger
♦ Now That’s What I Ceòl Music
♦ Enjoy The Ride
♦ May The 4th Be With You
♦ Duck!
♦ We’re A Case The Bunch Of Us
♦ Caution – Children Playing

 

Graphic: Plockton Music School Location Map

Cò bhios a’ dol Dhàn sgoil seo?

Ma tha thu ag iarraidh a dhol gu Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd:

Feumaidh tu…

• a bhith a’ fuireach ann an Alba.

• a bhith fìor mhath air ceòl traidiseanta no seinn.

• sealltainn cho math ’s a tha thu air cluich/seinn.

Gach bliadhna, bidh tòrr goilearan a’ cur a-steach airson Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd,
ach chan eil e furasta faighinn a-steach.


Uaireannan bidh sgoilearan a’ tòiseachadh ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd air a’ chiad bhliadhna, ach bidh tòrr dìreach a’ tighinn air a’ chòigeamh agus an t-siathamh bliadhna.

Bidh na sgoilearan a’ fuireach ann an ostail na sgoile.

Faodaidh iad a dhol Dhàchaigh air an deireadh-sheachdain, ach uaireannan bidh iad ro thrang le consairtean agus cèilidhean!

A bheil ùidh agad anns an sgoil seo?

Ma tha ùidh agad fhèin anns an sgoil seo, gheibh thu fiosrachadh agus foirm-iarrtais air an eadar-lìon air

www.musicplockton.org

Here is a wee video clip showing the young musicians at Plockton...Tàlantach!